Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Luchd-Smàlaidh

Bhòt buill de dh'aonadh an luchd-smàlaidh an Alba airson cion earbsa a nochdadh ann an àrd-mhanaidsearan Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba. Thuirt an t-aonadh gu bheil e a' dèanamh dragh dha na buill aca nach eil gu leòr einnseanann-smàlaidh aca, agus gu bheil aig daoine ri uairean a bharrachd obrachadh glè thric airson an t-seirbheis a chumail aig ìre.

Oxfam

Thàinig e am follais gun robh triùir de na fireannaich a bha Oxfam a' rannsachadh mu mhì-ghiùlain feise ann an Haiti air a bhith a' bagairt air fianaisean ann an 2011. Dh'fhoillsich Oxfam an aithisg rannsachaidh sin airson a' chiad uair, 's iad ag ràdh gun robh iad airson a bhith cho fosgailte 's a ghabhas mun chùis. Tha a' bhuidheann air a bhith fo chàineadh airson mar a làimhsich iad na casaidean aig an àm.

Carillion

Tha seann luchd-earrainnean aig Carillion - a' chompanaidh mhòr togail a chaidh fodha air a' mhìos a dh'fhalbh - ag ràdh gum bu chòir dha na manaidsearan a bhith air an sgrùdadh. Tha cuid air cantainn ri Buill-Phàrlamaid gum biodh fios aig stiùirichean, no gum bu chòir fios a bhith aca, mu thrioblaidean ionmhais na companaidh.

Gallaibh

Tha buidheann a tha a' strì mu sheirbheisean slàinte ann an Gallaibh air rannsachadh neo-eisimeileach iarraidh air mar a tha NHS na Gàidhealtachd a' dèanamh nan co-dhùnaidhean aca. Chuir CHAT às leth a' bhùird-shlàinte gun robh iad air draghan mu sheirbheisean màtharail a chleith. Dh'fhoillsich CHAT sreath de litrichean le dotair aig Ospadal an Ràthaig Mhòir a' nochdadh dragh ro làimh mu na planaichean airson mnathan-glùine fhàgail os cionn na seirbheis màtharail - sin aig tuath. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach an co-dhùnadh a stèidheachadh air farsainneachd de dh'fhianais.

Fear-Sgithidh

Chaidh cobhair a dhèanamh air fear-sgithidh a thuit timcheall air 200 meatar air an Aonach Bheag ann an Loch Abar. Chaidh a thogail le heileacoptair an-dè. Thàinig air luchd-teasairginn 1,000 troigh a dhìreadh airson a ruighinn, agus thuirt iad gur e iomairt teasairginn fìor dhuilich a bh' ann.