Àireamhan luchd-tadhail an-àirde

Gàrradh Inbhir Iù Image copyright Getty Images
Image caption Bha àrdachadh de 110% san àireimh de luchd-tadhail aig Gàrradh Inbhir Iù

Bha an àireamh a chaidh gu ionadan luchd-tadhail ann an Alba an-àirde gu mòr ann an 2017.

Chaidh iad suas faisg air 10%, le caistealan, làraichean dualachais agus gàrraidhean gu sònraichte a' dèanamh math.

Tha e follaiseach gu bheil ionadan luchd-tadhail ann an Alba a' dol bho neart gu neart.

Seo an treas bliadhna a thathas air àrdachadh fhaicinn.

Ach tha e nas motha buileach am-bliadhna - suas còrr is 9.5%.

B' e Taigh-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an Dùn Èideann agus Caisteal Dhùn Èideann a bh' aig bàrr na craoibhe le 2,000,000 neach-tadhail an urra airson a' chiad uair riamh.

Rinn àiteachan air a' Ghàidhealtachd fìor mhath cuideachd.

Bha àrdachadh de 110% aig Gàrradh Inbhir Iù, gu ìre air sgàth slighe ùir North Coast 500.

Chunnaic làraichean co-cheangailte ris an t-sreath thelebhisein Outlander àrdachaidhean mòra.

Agus rinn taighean-staile math cuideachd.