Barrachd chumhachd a dhìth am Barraigh

Bàgh a' Chaisteil

Thèid feuchainn ri grunn bhuidhnean a thoirt còmhla ann am Barraigh am-bliadhna le amas barrachd chumhachd air seirbheisean a thilleadh dhan choimhearsnachd fhèin.

Tha an Comh. Dòmhnall Manford ag ràdh gur ann aig muinntir an àite fhèin as fheàrr a tha fios dè tha a dhìth orra.

"Chan eil comhairlean ionadail "ionadail" an-diugh idir," thuirt e.

"Chan eil iad ionadail mar a tha an sluagh a' faicinn no ag iarraidh.

"Bheir e trì làithean dhomh a dhol suas dhan Chomhairle ionadail againn agus faighinn dhachaigh a-rithist.

"Chan eil sion ionadail mu dheidhinn sin.

"Agus an seòrsa teicneòlais a th' againn an-diugh, tha daoine - gu seachd àraid an òigridh - tha iad ag ràdh gu bheil còir aig barrachd chumhachd a bhith aig na coimhearsnachdan againn, agus na h-eileanan againn, rudan a dhèanamh dhuinn fhìn, an àite feadhainn eile a bhith a' smaointinn gu bheil fios aca barrachd mu ar deidhinn 's a th' againn fhìn.

"Tha uallach mòr air a' Chomhairle ionmhas a chur sìos chun nan eileanan fhèin, agus agus iad a' dèanamh suas dhaibh fhèin dè mar a bu chòir dhaibh a dhèanamh.

"Tha leithid Earra-Ghàidheal is Bhòid, tha comataidhean aca stèidhichte air sgìrean, an àite a bhith air na roinnean fhèin mar a tha e ann an Comhairle nan Eilean Siar.

"Bhiodh e a' ciallach agus dòigheil gu leòr nam bheachdsa comataidh a bhith ann Barraigh 's Bhatarsaigh.

"Comataidh a bhith ann aison Èirisgeigh agus Uibhist agus Beàrnaraigh.

"Nam biodh tu a' dèanamh sin agus a' cur an ionmhais a-steach ann bhiodh tu an uair sin a' toirt comhairlean coimhearsnachd a-steach air na comataidhean sin.

"Agus bhiodh iadsan a' suidhe agus a' rèiteach dè mar a tha na buidseatan sin a' dol a thoirt seachad nan seirbheisean anns an Eilean a bhiodh iad a' riochdachadh," thuirt e.