Stèisean agus bàta ùr do RNLI Loch Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh ionad ùr a thogail airson bàta-teasairginn Loch Nis.
Chaidh an stèisean ùr a thogail faisg air an togalach ann an Druim na Drochaid a tha RNLI Loch Nis air a bhith a' cleachdadh bho chaidh a bhonntachadh ann an 2008.
A thuilleadh air an stèisean ùr, tha an sgioba saor-thoileach air bàta-teasairginn ùr fhaighinn.
Tha am bàta-ùr Atlantic 85 a' gabhail àite an Atlantic 75 a th' air a bhith aig an sgioba.
'S e an Sheila and Dennis Tongue IV a th' air a' bhàta ùr.
B' e an uiridh a' bhliadhna a bu thraing a bh' aig an sgioba bho dh'fhosgail an t-seirbheis o chionn deich bliadhna.
Fhreagair an sgioba 33 gairm èiginn.
B' ann san Lùnastal an-uiridh a bha an là as trainge a th' air a bhith aca thuige seo, 's iad a' freagairt trì gairmean fa-leth.