Tobar an Dualchais a' cur thairis

Tobar an Dualchais Image copyright Tobar an Dualchais

Tha am proiseact Tobar an Dualchais, a bhios a' toirt beò seann chlàraidhean agus gan cur air an eadar-lìon, air ainmeachadh gu bheil iad a' dol an sàs ann an iomairtean ùra, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

Tha luchd-stiùiridh na pròiseict, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, gu bhith ag obair le Faclair na Gàidhlig agus le sgoiltean.

"Tha sinn air a bhith a' sìor fheuchainn, a bharrachd air a bhith a' cur ris an làraich-lìn, tha sinn riamh air a bhith a' feuchainn agus ag amas air a dhèanamh furasta do dhaoine a bhith ga chleachdadh, agus dòighean ùra a thoirt do dhaoine airson rudan a lorg ann agus fiosrachadh a chur gu daoine air na stuthan a th' ann," thuirt stiùiriche Tobar an Dualchais, Mairead Dhòmhnallach.

"Ann an dòigh, tha sinn air a bhith a' dèanamh rudan mar seo roimhe, ach dìreach an-dràsta gu bheil grunnan air èirigh caran aig an aon àm.

Bhidiothan

"Cuid dhiubh tha iad gu tur ùr, mar an obair a tha sinn an dùil a bhith a' dèanamh le Faclair na Gàidhlig - cha robh sinn riamh ag obair còmhla riuthasan roimhe.

"Agus tha sin a' dol a thoirt cothrom dhuinn rannsachadh a dhèanamh air an làraich-lìn gus an gabh cuid de na faclan - gu sònraichte na faclan neo-chumanta - a chur ris an fhaclair a tha iadsan a' deasachadh.

"Tha sinn ag obair an-dràsta le luchd-teagaisg, airson stuthan a bharrachd a chruthachadh, rudan a bharrachd as urrainn dhaibh a bhith a' cleachdadh anns a' chlas, no còmhla ri oileanaich, airson barrachd feum a dhèanamh de na stuthan a th' ann mar thà.

"Mar sin airson sgoiltean, tha sinn a' bruidhinn air tar-sgrìobhaidhean a dhèanamh airson cuid de na stuthan.

"Cuid de na sgeulachdan, 's dòcha an fheadhainn a tha caran doirbh do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig a bhith a' togail.

"Agus cuideachd tha sinn a' beachdachadh air bhidiothan a dhèanamh de chuid de na sgeulachdan, can ann an dreachan sìmplidh de chuid de na sgeulachdan, a-rithist airson cothrom a thoirt do dhaoine barrachd feum a dhèanamh de na stuthan a th' ann.

"Ach a bharrachd air a bhith gan toirt dha na sgoiltean, tha sinn an dòchas gum bi na goireasan sin ri fhaighinn le daoine eile tro 's dòcha am Facebook againn fhèin, no tro dhiofar dhòighean mar sin.

"Agus a bharrachd air sin bidh CDan ann do chloinn òig airson nan tràth-bhliadhnaichean, agus cuideachd a bharrachd air sin bidh sinn a' dol a-mach gu coimhearsnachdan agus a' dèanamh taisbeanaidhean den stuth againn, agus 's dòcha a bhith a' toirt cothrom do dhaoine a bhith ag innse tuilleadh sgeulachdan, agus a bhith a' faighinn barrachd a-mach às na coimhearsnachdan de na stuthan a tha caran glaiste a-staigh an sin, airson barrachd feum a dhèanamh dheth sin cuideachd.

"Tha a' mhòr-chuid den airgead airson nam pròiseactan ùra a' tighinn bho Bhòrd na Gàidhlig - sin airson nan CDan agus airson sgoiltean agus coimhearsnachdan.

"Agus tha airgead airson obair le Faclair na Gàidhlig a' tighinn bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba," thuirt i.