Dragh mu luchd-cùraim nan Eilean

Biadh Image copyright BSIP, MAY/SCIENCE PHOTO LIBRARY

Tha Comhairle nan Eilean Siar gan dìon fhèin às dèidh mar a nochd draghan mun uallach a th' air luchd-cùraim nan Eilean.

Coltach ri mòran sgìrean eile, tha luchd-cùraim a thèid a-steach gu dachaighean dhaoine, 'son an cuideachadh le gnothaichean làitheil, air leth cudromach anns na h-Eileanan an Iar, 's cuibhreann math den t-sluagh suas ann am bliadhnaichean.

Thuirt an Comh. Calum MacIlleathain gu bheil luchd-cùraim air tighinn thuige a' gearain gun deach cùmhnantan-obrach atharrachadh, agus gu bheil mòran dhaoine a' cur cùl ris an t-seirbheis.

"Tha na h-uairean aca air atharrachadh agus tha mar a tha iad a' dèanamh na h-obrach air atharrachadh," thuirt e.

Chuala e, thuirt e, gur e ceithir mionaidean a chaidh a thoirt do dh'aon neach-cùraim airson biadh ullachadh do dhuine air an robh i a' frithealadh.

Atharrachaidhean

Chaidh dìon a chur air an t-seirbheis le Cathraiche Chomataidh Taigheadais agus Coimhearsnachd na Comhairle, Coinneach Iain MacLeòid.

Thuirt e gu bheil iad mothachail gu bheil atharrachadh a' tighinn air an t-seirbheis 's dòighean-obrach ùra air a thighinn a-steach.

Tha iad a' cur feum, thuirt e, air tuilleadh luchd-obrach.

"Tha sinn a' feuchainn ri barrachd luchd-cùraim a thoirt a-steach dhan t-seirbheis, ach, ma tha duine sam bith do-riaraichte, bidh sinn airson cluinntinn mu dheidhinn".

Bidh a' Chomhairle a' dèanamh sgrùdaidh am measg an luchd-cùraim aca a dh'aithghearr 's tha iad a' gealltainn coimhead ris a h-uile beachd a thèid a chur thuca.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile