Là fosgailte mu chuimhneachan na h-Iolaire

Biastan Thuilm Image copyright JJM/Geograph
Image caption Bidh ceud bliadhna ann air Là na Bliadhn' Ùire 2019 bho chaidh an Iolaire a chall.

Bidh là fosgailte ann an ath-sheachdain 's planaichean gan dealbh airson ionad ùr a thogail ann an Steòrnabhagh airson call na h-Iolaire a chomharrachadh.

Bidh ceud bliadhna ann air Là na Bliadhn' Ùire ann an 2019 bho chaidh 201 duine, a bha a' tilleadh dhachaigh bhon Chiad Chogadh, a chall nuair a bhuail an Iolaire ann am Biastan Thuilm.

'S e am fear-gnothachais Stiùbhart Greumach a th' air cùl nam planaichean airson ionad-tadhail ann an Steòrnabhagh.

Thuirt e, a thulleadh air a bhith na chuimhneachan iomchaidh, gum biodh an t-ionad ùr cuideachd gu buannachd na h-eaconomaidh ionadail.

Tha dùil ri sreath thachartasan tron bhliadhna seo airson call na h-Iolaire a chomharrachadh.

Bidh riochdairean bhon bhuidhinn-obrach a' coinneachadh ris a' phoball, agus ri luchd-gnothachais, ann an Talla Bhaile Steòrnabhaigh air Dimairt, an 27mh là den Ghearran.

Bidh cothrom aig a' phoball a dhol ann eadar 12:00f agus 6:00f, le cuireadh ga thoirt do luchd-gnothachais eadar 7:30f agus 9:00f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo