Dragh mu luchd-cùraim
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh ga thogail mun uallach air luchd-cùraim nan Eilean Siar

20 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Comhairle nan Eilean Siar air iad fhèin a dhìon às deidh do ghearainean nochdadh mu atharrachaidhean ann an cùmhnantan luchd-cùraim san dachaigh.

Aig coinneimh de Chomataidh Taigheadais agus Coimhearsnachd an ùghdarrais an-diugh, thuirt fear de chomhairlichean an Rubha gu bheil luchd-cùraim mì-thoilichte mu na h-atharrachaidhean agus gu bheil mòran a' fàgail son obraichean eile.

Thuirt a' Chomhairle ge-tà nach eil a' chùis cho dona sin.

Tha Catriona NicIllinnein ag aithris.