CnES a' coinneachadh ri Ionatan Hinkles

Loganair

Coinnichidh Comhairle nan Eilean Siar ri ceannard Loganair, Jonathan Hinkles, Diciadain, is iad a' sireadh fhreagairtean mu na tha a' chompanaidh am beachd a dhèanamh leis na prìsean aca as dèidh do Flybe stad a chur air seirbheisean dha na h-eileanan.

Aig a' cheart àm, tha a' Chomhairle a' cur fàilte air leudachadh air seirbheisean samhraidh eadar Steòrnabhagh is Manchester.

"Tha sinn a' cur fàilte air sin, 's tha còmhraidhean air a bhith againn ri Loganair o chionn beagan mhìosan agus bha iad ag ràdh gun robh dùil aca seo fheuchainn dà là san t-seachdain as t-Samhradh," thuirt Cathraiche na Còmhdail aig a' Chomhairle, Ùisdean Robasdan.

"Mar sin, chì sinn mar a dh'obraicheas e.

Letheach Falamh

"Feumaidh daoine taic a thoirt dha airson gun obraich e dòigheil, ach feumaidh na prìsean a bhith caran reusanta cuideachd.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil am port-adhair ann am Manchester fhèin na àite math airson cheanglaichean ri feadh an t-saoghail.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin fhèin a' dol a dhèanamh fuasgladh mòr.

"Tha mi a' smaoineachadh cuideachd, mar a tha mi a' tuigsinn, gu bheil gnìomhachasan mar thà air a bhith a' bruidhinn ri gnìomhachasan eile shìos ann am Manchester.

"Mar sin dheth bhithin an dòchas gum fuasgail sin margaidean ùra agus cuideachd gu h-àraid gun tàlaidh e a-steach luchd-turais a bharrachd dha na h-Eileanan.

"Tha ADS againn airson falbh, ach daoine a tha a' tighinn a-steach tha e gu math nas daoire orra.

"Bhiomaid an dòchas gun coimheadadh iad gum biodh prìsean caran reusanta ann, agus gum biodh an t-itealan làn an àite a bhith letheach falamh," thuirt e.

'S e as motha a bhios air aire na Comhairle aig a' choinneimh le Mgr Hinkles ge-tà, prìsean air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Glaschu, agus co-fharpais a-niste seachad air an t-slighe le Flybe air tarraing a-mach.

"Faodaidh mi a ràdh gur e sin am prìomh chuspair a th' againne co-dhiù," thuirt Mgr Robasdan.

"Tha tòrr dhraghanan air a bhith air an togail le daoine a' siubhal eadar Steòrnabhagh is Glaschu, Steòrnabhagh is Dùn Èideann agus Beinn nam Fadhla agus Glaschu cuideachd.

"Gu bheil na prìsean aig aon cheann air fàs cho àrd agus nach urrainn do dhaoine na cosgaisean a phàigheadh.

"Agus gu math tric, feadhainn a bhios mi fhèin air, chan eil na h-itealain ach letheach falamh, agus tha thu an-còmhnaidh ag ràdh riut fhèin nach b' fheàrr dhut prìsean a bhith beagan na bu shaoire agus an t-itealan a lìonadh?

"Mar sin tha sinn airson a dhèanamh cinnteach gum bi prìsean caran reusanta air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Glaschu, gun cùm daoine a' cur feum air na h-itealain a tha sin.

"Cha chùm iad suas na h-àireamhan mura bi na prìsean reusanta. Sin an t-eagal a th' oirnn," thuirt e.