Connadh haidroidean do dh'aiseagan?

Crann-Gaoithe
Image caption Deadh an haidroidean a dhèanamh le dealan bho thuathan-gaoithe sna h-eileanan fhèin.

An gabh cumhachd chrann-gaoithe nan Eilean Siar cleachdadh airson haidroidean a dhèanamh a bhiodh na chonnadh do bhàtaichean-aiseig Chal Mac?

Thòisich Companaidh Chumhachd Coimhearsnachd an Rubha agus Shanndabhaig air rannsachadh airson a cheist sin a fhreagairt.

Tha Riaghaltas na h-Alba air £1m de thaic-airgid a chur ris.

Tha seachd companaidhean agus luchd-ionmhais eile an sàs san rannsachadh cuideachd.

An Àrainneachd

A rèir Dhòmhnaill Iain MhicSuain bhon companaidh chumhachd, ma shoirbhicheas leis a' phròiseact, bheir e crùth-atharrachadh air seirbheisean aiseig nan Eilean.

"Tha rannsachadh gu bhith air a dhèanamh, 's tha sinn an dòchas gum bi e deiseil deireadh an t-Samhraidh, a dh'fhaicinn am bi e soirbheachail haidroidean a dhèanamh le crainn-ghaoithe a bhios na chumhachd air na h-aisegan a tha a' dol eadar na h-Eileanan agus Tìr Mòr," thuirt e.

"Tha sinn an dòchas, aig deireadh an rannsachaidh, gum bi e air a dhearbhadh gu bheil sin comasach a dhèanamh, agus gun obraich e.

Image copyright CMAL
Image caption Tha CMAL, leis a bheil bàtaichean Chal Mac, am measg nam buidhnean a tha an sàs sa phròiseact.

"Tha grunn rudan air a bhith a' toirt oirnn smaoineachadh mu dheidhinn.

"Nuair a thòisich sinn an toiseach air a' phròiseact mhòr againn bha sinn ag ràdh rinn fhìn nach robh sinn gu bhith riaraichte le dìreach aon phròiseact, agus gun robh sinn gu bhith a' cumail ar sùil a-mach airson rudan eile a dh'fhaodadh sinn a bhith a' dèanamh cuideachd.

"An rud air a bheil sinn a' tòiseachadh an-dràsta, 's e rud math a th' ann airson chan eil e an urra ri Càball a' Chuain Sgìth, no càil sam bith eile, chan ann an urra ris a' Ghriod nas motha.

"Faodaidh sinn a dhèanamh mar phròiseact a tha a' seasamh air a chasan fhèin.

"Agus tha mi an dòchas, aig deireadh an rannsachaidh a tha seo a tha Calum Dòmhnallach a' dèanamh dhuinn, gum bi e air a dhearbhadh gu bheil e comasach air a dhèanamh, agus gur e rud math a th' ann a dhèanamh.

"Tha tòrr taic ris an rannsachadh a tha seo bho Riaghaltas na h-Alba, bho CMAL, bho Wood Group. Tòrr bhuidhnean, sia buidhnean, air a thighinn còmhla airson seo a dhèanamh.

"Tha an Riaghaltas a' pàigheadh air a shon, agus tha mi a' smaoineachadh nuair a thig an rannsachadh a-mach gum bi e an urra riutha a dhol air adhart leis agus rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

"Tha fhios againn gu bheil na h-aiseagan a th' againn an-dràsta a' dèanamh tòrr call air an àrainneachd. Tha iad a' losgadh ola. Tha e salach, grannda.

"Ged 's dòcha gum biodh e beagan nas daoire an toiseach, tha sinn a' smaoineachadh, a' dol air adhart, gum biodh e tòrr na b' fheàrr seo a dhèanamh aig an àm a tha seo, na a' chùis fhàgail mar a tha e," thuirt e.