Dragh mu rathaidean Bharraigh

Toll san rathad (coitcheann) Image copyright JEFF OVERS

Tha dragh air èirigh mu shàbhailteachd cloinne Bharraigh air an t-slighe dhan sgoil le staid nan rathaidean.

A rèir Eachainn MhicNèill, aig a bheil companaidh bhusaichean air an eilean, thathas a' faicinn atharrachadh mòr orra bho sheachdain gu seachdain.

Tha e airson 's gu tig a' Chomhairle a Bharraigh a dh'fhaicinn dhaibh fhèin cho riatanach 's a tha e gun tèid na rathaidean a chàradh gu h-aithghearr.

"Ma thèid thu taobh an iar an eilein tha àiteachan gu math dona," thuirt e.

"Ach tha e nas miosa buileach air taobh an ear an eilein, gu h-àraid ma thèid thu sìos 's dòcha mu thrì mìle a-mach à Bàgh a' Chaisteil, tha an rathad an ear ann an droch droch staid, agus a' sìor, sìor fhàs dona.

"An duine aig a bheil an obair airson a dhèanamh, cuiridh e a-mach na balaich airson a dhèanamh.

"Ach tha an suidheachadh cho fìor fìor dhona 's nach urrainn dhaibh mòran a dhèanamh.

"Tha iad a' dèanamh uiread 's is urrainn dhaibh, tha iad gu math dìcheallach.

"Ach gu mì-fhortannach, tha an suidheachadh mar gum biodh ceum air aghaidh air an rud is urrainn dhaibhsan a dhèanamh.

"Tha e doirbh. Tha thu a' feuchainn ris na tuill a tha sin, fuireach air falbh bhuapa. Ach cha ghabh e dèanamh," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt aig Comhairle nan Eilean Siar gun robh làn-fhios aig a' Chomhairle mu shuidheachadh nan rathaidean ann am Barraigh, ach nach robh iad idir a' gabhail ris gun robh na rathaidean nas miosa an sin na tha iad sa chòrr de na h-eileanan às dèidh Gheamhraidh dhuilich.

Thuirt e gu bheil dùbhlain mhòra ron Chomhairle na rathaidean a chàradh air feadh nan eilean, agus le ionmhas gann.

Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar air an Riaghaltas taic a bharrachd a thoirt dhaibh a thaobh buidseat nan rathaidean, ach tha iad mothachail gu bheil an aimisir air buaidh mhòr a thoirt air rathaidean tron dùthaich gu lèir.