Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cùis Èigneachaidh

Tha boireannach a' toirt duine gu cùirt shìobhalta ged a fhuair an Àrd-Chùirt cùis èigneachaidh na aghaidh neo-dhearbhte. Tha faisg air 100 bliadhna bho thachair seo an Alba mu dheireadh. Tha an duine a' dol às àicheadh na casaid.

Cion Cosnaidh

Tha cion cosnaidh air a dhol suas an Alba agus am Breatainn gu lèir. Anns na trì mìosan mu dheireadh den bhliadhna an-uiridh bha 14,000 duine a bharrachd gun chosnadh an Alba, 124,000 duine uile gu lèir. Dh'fhàg sin an ìre aig 4.5%, nas àirde na an 4.4% a bh' ann airson na Rìoghachd Aonaichte. Bha an àireamh iomlan nàiseanta aig 1.47m duine, suas 46,000 an taca ris an trì mìosan ron sin.

Buidseat

Tha dùil gun cuir Pàrlamaid na h-Alba taic ris a' bhuidseat an-diugh ann am bhòt feasgar. Tha ministearan air taic fhaighinn bho na h-Uainich airson nam planaichean aca, a tha iad ag ràdh a leigeas leotha an eaconomaidh fhàs agus seirbheisean poblach a dhìon bho ghearraidhean à Westminster.

Brexit

Tha còrr air 60 Ball-Pàrlamaid Tòraidheach a tha a' toirt taic do Bhrexit air sgrìobhadh dhan Phrìomhaire a' moladh dhi gum biodh cothrom aig Breatainn aontaidhean malairt ullachadh le dùthchannan eile cho luath 's a bhios an dùthaich a' fàgail an EU. Bidh ministearan a' coinneachadh a-màireach airson bruidhinn mun aonta Brexit a dh'iarradh iad.

Aiseag Haidroidean

Bidh companaidh chumhachd à Leòdhas an sàs ann an sgeama airson dearbhadh an gabhadh bàtaichean-aiseig Haidroidean a chleachdadh dha na h-eileanan. Thug Riaghaltas na h-Alba £1m de thaic-airgid dhan sgeama anns a bheil Companaidh Chumhachd an Rubha agus Shanndabhaig an sàs còmhla ri CMAL leis a bheil bàtaichean Chal Mac, Gàrradh Bhàtaichean MhicFhearghais agus grunnan chompanaidhean mòra.

Loganair

Coinnichidh Comhairle nan Eilean Siar ri ceannard Loganair, Ionatan Hinkles, an-diugh, 's iad a' sireadh fhreagairtean mu dè tha a' chompanaidh am beachd a dhèanamh leis na prìsean aca às dèidh do Flybe stad a chur air seirbheisean dha na h-eileanan. Aig a' cheart àm tha a' Chomhairle a' cur fàilte air leudachadh air seirbheisean samhraidh eadar Steòrnabhagh agus Manchester.