Coinneamh mu Eaglais na h-Aoidhe

Eaglais na h-Aoidhe
Image caption Tha dragh ann gun tuit an eaglais dhan mhuir air a' cheann-thall

Cumar coinneamh anns an Rubha Disathairne 's obair a dhìth airson Eaglais na h-Aoidhe a dhìon bhon mhuir.

Tha stoirmean air buaidh mhòr a thoirt air a' chladh mu thimcheall na h-eaglaise, a tha suidhichte air a' Bhràigh.

Chaidh oidhirp mhòr a dhèanamh anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh airson an eaglais fhèin a ghlèidheadh, ach tha dragh ann gun tuit i dhan mhuir air a' cheann-thall mura tèid rudeigin a dhèanamh airson a' mhuir a chumail air ais.

Tha Tormod MacLeòid, a tha na bhall de dh'Urras Eaglais na h-Aoidhe, ag ràdh gum feumar rudeigin a dhèanamh gu sgiobalta.

"Tha a h-uile stoirm a thig - a h-uile càil a thig bho thuath - a' tarraing bìdeag bheag bho bhìdeag bheag dhan chladh - tha an eaglais ann am meadhan chladh agus nuair a chaidh an eaglais a thogail bha i ann am meadhan a' chladh - tha i a-nis fèir aig an oir".

"Tha a' mhuir a' tighinn a-steach - an-dràsta 's a-rithist chì thu cnàmhan a' tighinn an àirde anns a' ghainmheach a tha timcheall".

Bidh coinneamh phoblach ann Disathairne, an 24mh là den Ghearran, ann an Ionad Stoodie ann an Garabost eadar 12:00f agus 4:00f.

Tuilleadh air an sgeulachd seo