Stagecoach a' tarraing a-mach à Loch Abar?

Bus Image copyright Stagecoach
Image caption Tha Stagecoach ag ràdh nach eil iad a' dèanamh airgid às na slighean aca ann an Loch Abar.

Tha a' chompanaidh bhusaichean Stagecoach ag ràdh gur dòcha gun sguir iad gu tur de na seirbheisean aca ann an Loch Abar leis nach eil iad a' dèanamh airgid asta.

Tha a' chompanaidh a' cumail cosnaidh ri 16 duine ann an ionad nam busaichean anns a' Ghearasdan.

Tha iad ag ràdh, le nas lugha dhaoine a' siubhal air na busaichean, cosgaisean ruith nas àirde agus mar a dh'atharraich cùmhnantan Chomhairle na Gàidhealtachd an-uiridh, gu bheil iad a-nis a' beachdachadh air tarraing a-mach às an sgìre.

Sguiridh an t-seirbheis aca eadar meadhan a' Ghearasadain agus Caol a' Ghearasdain - Seirbheis 45 - an ath-mhìos.

Choinnich riochdairean na companaidh ri luchd-obrach agus riochdairean aonaidh Diciadain airson bruidhinn air na dh'fhaodadh a bhith fa-near dhaibh.

Thuirt Stagecoach gun robh iad an dòchas gum faigheadh luchd-obrach air an toireadh seo buaidh obair ann am pàirt eile den chompanaidh neo gun gabhadh an gluasad gu companaidh bhusaichean eile.

Cha toir an naidheachd seo buaidh sam bith air seirbheisean Citylink gu Glaschu, Inbhir Nis, dhan Òban neo dhan Eilean Sgitheanach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile