Dàil air cha mhòr 500 obair-lannsa

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Chaidh casg a chur air obair-lannsa ris an robh dùil thairis air seachdain gu leth

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gur iad na h-euslaintich as motha aig a bheil feum a gheibh prìomhachas 's obair-lannsa air tòiseachadh às ùr aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Chaidh stad a chur air obair-lannsa, nach robh èiginneach, às dèidh mar a chaidh sgàinidhean beaga agus duslach fhaighinn ann am ballachan nan seòmraichean-lannsa.

Chaidh dàil a chur air cha mhòr 500 obair-lannsa thairis air seachdain gu leth.

Thòisich obair-lannsa anns an ospadal a-rithist Diluain às dèidh do dh'obair-glanaidh mhionaideach a bhith air a dèanamh air na seòmraichean-lannsa.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile