Taighean ùra air prìs reusanta

Inbhir Nis
Image caption 'S ann bho Aonta Baile Inbhir Nis a thig pàirt den mhaoineachadh airson an sgeama

Thèid còrr air 60 taigh ùr a thogail air a' Ghàidhealtachd a bhios ri fhaighinn air màl air prìs nas saoire.

Thèid na taighean a thogail ann an Ulapul, anns a' Ghearasdan, an Alanais, ann an Inbhir Nis, anns an Aghaidh Mhòir, am Baile nan Granndach, ann an Druim na Drochaid agus ann am Baile Ùr an t-Slèibh.

'S ann air daoine òga a thathas gu bhith ag amas.

Bidh na taighean ri fhaighin air màl airson mu 80% den phrìs a bhios uachdarain phrìobhaideach ag iarraidh.

Thig pàirt den mhaoineachadh bho Aonta Baile Inbhir Nis.