Tagradh taigheadais san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Tha NHS na Gàidhealtachd air tagradh ùr a dhèanamh feuch am faigh iad fios air taighean sam bith a tha ri fhaighinn air màl san Eilean Sgitheanach dha luchd-obrach a thig a dh'fhuireach ann.
Thuirt am Bòrd-Slàinte aig toiseach na bliadhna gun robh cion àiteachan-fuirich anns an eilean a' cur bacadh air na h-oidhirpean aca luchd-obrach fhastadh.
Ràinig a' chùis an ìre 's gun tuirt bean-ghliùine, air an deach obair a thabhann, nach b' urrainn dhi a ghabhail seach nach fhaigheadh i àite-fuirich dhi fhèin 's dhan chù aice - ged a chaidh aca air fuasgladh fhaighinn dhan chùis sin.
Tha am Bòrd-Slàinte a' coimhead ri àiteachan-fuirich a thogail - ann an co-bhuinn ri companaidhean eile - ach dh'iarradh iad fios mu thaighean a dh'fhaodadh a bhith ri fhaighinn an-dràsta.
Ach thuirt fear a ghluais dhan Eilean Sgitheanach an-uiridh le chompanach nach eil taighean ri fhaighinn air màl idir ach a-mhàin tron Gheamhradh.
Thuirt Marc MacThòmais gur e £500 sa mhìos a bha esan a' pàigheadh airson taigh air màl sa Gheamhradh ach gum faighear £1,000 san t-seachdain bho luchd-turais as t-Samhradh.
Thuirt an Comhairliche Sgitheanach Iain Fionnlasdan gu bheil planaichean ann airson barrachd thaighean a thogail anns an eilean, agus gum bithear a' coimhead gu sònraichte ris an Ath Leathann nuair a thèid an t-ospadal ùr a thogail ann.