Buidseat Earra-Ghàidheal is Bhòid

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid Image copyright Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha sàbhalaidhean luach £5m aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri dhèanamh, a rèir a' bhuidseit a tha ro chomhairlichean Diardaoin.

Ach tha ceannard na Comhairle, Aileen Morton, ag ràdh nach eil cùisean a-nis a' coimhead buileach cho dubhach 's a bha dùil, leis gun d' fhuair a' Chomhairle airgead a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba.

A rèir nam pàipearan a thèid ron Chomhairle, thig lùghdachadh 1.5% air na gheibh an t-ùghdarras ionadail bho Riaghaltas na h-Alba anns a' bhliadhna-ionmhais a tha romhainn.

Gheibh iad £190m uile gu lèir.

A thuilleadh air a' £5m a dh'fheumas iad a shàbhaladh air a' bhliadhna a tha romhainn, thig orra sàbhalaidhean de £22m a dhèanamh thairis air an dà bhliadhna às dèidh sin.

Tha a' Chomhairle am beachd na taighean-beaga poblach san sgìre a chur dhan roinn phrìobhaidich, leis nach e seirbheis riatanach a th' annta a dh'fheumas a' Chomhairle a thoirt seachad iad fhèin.

Bha beachd ann gun tigeadh lùghdachadh air na gheibh an HSCP - a' bhuidheann a tha an urra ri slàinte agus obair shòisealta - de thaic-airgid bhon Chomhairle, ach tha a' bhuidheann sin a-niste a' dol a dh'fhaighinn àrdachaidh air na gheibh iad bhon Chomhairle, agus beàrn de £10m ann am buidseat na buidhne sin fhèin airson na h-ath-bhliadhna-ionmhais.

Nochd e anns na pàipearan an toiseach gun tigeadh lùghdachadh mòr air buidseat nan rathaidean, ach tha dùil a-niste gun tig àrdachadh air a' bhuidseat a tha sin.

Thèid a' chìs chomhairle suas 3% mar phàirt den bhuidseat, coltach ri comhairlean eile an Alba.

Tha a' Chomhairle an dòchas gun toir sin a-steach £1,400,000 eile, a' toirt na gheibh a' Chomhairle bhon chìs gu £45m.

Thig cuideachd àrdachadh 3% air prìsean airson seirbheisean.

Tha a' Chomhairle an dòchas, leis a' bhuidseat sin, nach fheum iad daoine a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.

Thuirt an Comh. Morton ge-tà, gu bheileas a' coimhead gun tèid nas lugha na deich cosnaidhean a chall.