Fuasgladh air trioblaid GME ann an Glaschu
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Thèid dà sgoil eile a chur gu feum 'son dèiligeadh ri trioblaidean GME ann an Glaschu.

22 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'aontaich Comhairle Bhaile Ghlaschu dà sgoil eile a chur gu feum 'son fuasgladh fhaighinn air an trioblaid aca a thaobh dìth àitichean ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Dhiùlt pàrantan treas sgoil ann an ceann a deas a' bhaile an-uiridh.

Thathas a-nis dol a chleachdadh sgoil falamh airson bliadhna mus gluais cuid gu sgoil eile ann am Baile Ghobhainn.

Tha Iain MacDiarmaid ag aithris.