"Àm fìor chudromach" an oidhirp BiFab

Gàrradh Àranais, Leòdhas

Tha ceannardan aonaidh ag ràdh gu bheil iad air àm fìor chudromach a ruighinn san oidhirp gàrraidhean BiFab an Leòdhas agus Fìobha a chumail fosgailte.

Choinnich iad ri riochdairean bho Riaghaltas na h-Alba oidhche Ardaoin.

Le obair air pròiseact Beatrice a' tighinn gu ceann is gainnead de chùmhnantan ùra san amharc, tha BiFab ann an èiginn is luchd-obrach mar thà air fios fhaighinn gum falbh na dreuchdan aca.

Às dèidh na coinneimh oidhche Ardaoin, thuirt Gary Mac a' Ghobhainn bhon GMB gun robh e follaiseach bho thùs gu bheil feum air airgead a chur a-steach a BhiFab agus plana gnìomha gus dìon a chur na gàrraidhean, an luchd-obrach agus na coimhearsnachdan aca.

Thuirt e gu bheil feum air na gàrraidhean seo ma tha Alba gus adhartas a dhèanamh ann an cumhachd uaine.

Tha an gnothach a-nise aig ìre ghlè chudromach tha e ag ràdh, is thuirt e gum bu chòir cothrom is taic a thoirt dhan Riaghaltas feuch fuasgladh fhaighinn.