Fuasgladh FMG an Glaschu

Foghlam

Tha Comhairle Baile Ghlaschu air fuasgladh fhaighinn dha dìth àiteachan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile.

Cleachdaidh iad Sgoil Ladywell airson bliadhna mar annex de Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, is cleachdaidh iad Sgoil Cartvale mar annex às dèidh sin.

Agus a rèir chathraiche foghlaim na Comhairle, Chris Coinneagan, tha iad 'son cumail suas ris an iarrtas san ùine fhada cuideachd.

"Ma chumas na h-àireamhan orra a' fàs, tha sinn a' coimhead air leudachadh leantainneach air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sa bhaile," thuirt e.

"Chan eil mise a' smaoineachadh mu dheidhinn mar cheist "am bi Cartvale mòr gu leòr, agus 's e sin deireadh na cùise".

"B' fheàrr leam air fad coimhead ris a thaobh dè na feumalachdan a th' aig an roinn anns an ùine fhada," thuirt e.

Tha seo a' ciallachadh gum faigh còrr agus 140 pàiste a tha air clàradh 'son P1 àite air an ath-bhliadhna sgoile.

Bha Dùghlas Moireasdan, Cathraiche Chomhairle Phàrant Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, na phàirt den bhuidhinn-obrach a fhuair am fuasgladh.

"Anns a' bhuidhinn-obrach a bha a' sùileachadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile seo thàinig sinn gu co-dhùnadh gum feumadh sinn leudachadh a thoirt air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a' bhliadhna seo," thuirt e.

"Agus an co-dhùnadh a fhuair sinn, 's e sgoil bheag air taobh an iar a' bhaile leis an ainm Ladywell ... airson beagan fuasglaidh dhan iarrtas a th' ann am-bliadhna.

"Às dèidh sin feumaidh an sgoil gluasad gu Baile a' Ghobhainn, gu làraich nas motha, Sgoil Cartvale, a dh'fhaodas foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leudachadh airson nam bliadhnaichean ri tighinn anns a' bhaile seo," thuirt e.