Gainnead oifis turasachd am Barraigh

Barraigh

Tha dragh ann am Barraigh gu bheil mar a chaidh ionad VisitScotland san eilean a dhùnadh air droch bhuaidh a thoirt air turasachd.

A rèir Stiùiriche Barrathon, Ceitidh NicNèill, tha feadhainn air tarraing a-mach às an rèis, oir cha b' urrainn dhaibh àite-fuirich fhaighinn, is i ag ràdh gu bheil aig Barrathon fhèin a-nise ri daoine a chuideachadh àite fhaighinn.

"Tha e a' dèanamh diofair mhòir. Tha e a' dèanamh duilgheadas gu leòr dhuinn," thuirt i.

"O chionn 's e sin aon deireadh-sheachdain anns a' bhliadhna. Tha mi cinnteach gu bheil còrr is 300 duine a' tighinn a-steach air an deireadh-sheachdain a tha sin.

"Tha iad uile a' coimhead airson àite-fuirich, 's bidh iad a' coimhead airson rudan eile a bhios iad airson fhaighinn a-mach cuideachd.

"Thuige seo tha mi air dhà no trì fhaighinn ag ràdh gum feum iad 's dòcha tarraing a-mach às an rèis air shàilleabh nach eil iad a' faighinn àite-fuirich.

"Tha e a' toirt tòrr a bharrachd obrach dhuinne, o chionn thuige seo cha bhiodh sinn a' coimhead ri àite-fuirich no dad den t-seòrsa sin.

"Ach tha sinn a' faicinn am-bliadhna, air shàilleabh nach eil an oifis ann, cheana tha sinn a' faighinn tòrr de litrichean is de ghairmean fòna, 's daoine a' coimhead airson fiosrachaidh.

"Tha sin a' toirt mòran a bharrachd obrach dhuinne - obair nach eil sinn ag iarraidh.

"Tha Barraigh trang. Tha iad a' tighinn a-steach air an aiseag on Òban. Tha iad a' tighinn a-steach air an aiseag à Èirisgeigh. Tha iad a' tighinn a-steach air an itealan.

"Ach tha VisitScotland ag ràdh rinn nach eil feum aca air oifis a bhith fosgailte. Tha mi a' smaointinn gu bheil iad ceàrr," thuirt i.

Thuirt Ailean MacCoinnich, Manaidsear VisitScotland anns na h-Eileanan an Iar, gu bheil iad ag obair còmhla ri feadhainn ann am Barraigh gus seirbheis iomchaidh a thoirt seachad, is iad ag aithneachadh gu bheil luchd-tadhail a' faighinn fiosrachaidh ann an diofar dhòighean.

Thuirt e cuideachd gu bheil iad an-còmhnaidh a' brosnachadh luchd-turais àiteachan-fuirich a chur air dòigh fada mus tig iad dha na h-Eileanan.