Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Rinn Banca Rìoghail na h-Alba prothaid bhliadhnail airson a' chiad turas ann an deich bliadhna. Rinn iad còrr air £750,000,000. Tha buill den aonadh Unite a' togail fianais an-diugh an aghaidh phlanaichean RBS gus còrr air 60 meur a dhùnadh. Tha iad ag ràdh nach eil argamaid ionmhasail ann airson an dùnadh.

Sgoiltean Dhùn Èideann

Thèid sgrùdadh a dhèanamh aig 17 sgoiltean an Dùn Èideann às dèidh mar a thuit taidhle air nighinn aig Bun-Sgoil Oxgangs. Cha deach an nighean a ghoirteachadh. B' ann aig an aon sgoil a thuit balla an an 2016, rud a dh'adhbharaich ath-sgrùdadh air feadh Alba.

Còmhdach Fhlataichean

Feumaidh còmhdach ùr a dhol air còrr air 300 flat aig cala Ghlaschu seach gu bheil stuth a th' orra coltach ri còmhdach Tùr Ghrenfell. Cosgaidh an obair suas ri £10m, agus dh'fhaodadh gum bi aig na daoine leis a bheil na flataichean ri pàigheadh air a shon. Bhàsaich 71 duine anns an teine aig Tùr Ghrenfell ann an Lunnainn an-uiridh.

Turasachd Bharraigh

Nochd dragh ann am Barraigh gu bheil mar a dhùin ionad turasachd an eilein air droch bhuaidh a thoirt air turasachd mar thà. Tha stiùiriche a' Bharrathon, Ceitidh NicNèill, ag ràdh gu bheil feadhainn air tarraing a-mach às an rèis agus duilgheadasan aca le àiteachan fuirich fhaighinn. Thuirt Ailean MacCoinnich bho VisitScotland gun robh as a' bruidhinn ri feadhainn ann am Barraigh mu obair turasachd a dhèanamh.

FMG Ghlaschu

Tha Comhailre Bhaile Ghlaschu air fuasgladh fhaighinn dha dìth àiteachan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile. Cleachdaidh iad Sgoil Ladywell airson bliadhna mar annex de Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus cleachdaidh iad Sgoil Cartvale mar annex às dèidh sin. Thuirt cathraiche foghlaim na Comhairle, Chris Coinneagan, gu bheil iad airson cumail suas ris an iarrtas anns an ùine fhada cuideachd.

Brexit

Tha ceannardan an EU a' coinneachadh an-diugh a bhruidhinn air a' bhuaidh a bheir Brexit air planaichcean ionmhais. An-dè bha ministearan a' bruidhinn airson grunnan uairean de thìde mun t-seòrsa Brexit a dh'iarradh iad.

Maorach

Tha luchd-rannsachaidh air beagan den bhìoras Hepatitis E a lorg ann am maorach a chaidh a bhuain an Alba agus a bh' air a reic anns na bùithdean. Seo a' chiad turas a chiadh Hep E a lorg ann am maorach a bha ga reic anns an dùthaich seo. Chan eil am bhìoras ro chunnartach anns a' chumantas. Thathas a' moladh tuilleadh rannsachaidh.