Fireannach aois 20 marbh às dèidh tubaist air an A835
- Air fhoillseachadh

Chaochail fireannach aois 20 ann an tubaist air an A835 faisg air Gairbh ann an Siorrachd Rois.
Thachair an tubaist, anns an robh dà chàr an sàs - Seat Leon dearg agus Audi S3 geal - air Rathad an Stèisein mu 1400 Là na Sàbainn.
Thuirt na poilis gun do chaill draibhear an Seat a bheatha.
Bha an rathad dùinte gu mu 2330 fhad 's a bhathar a' rannsachadh na thachair.
Dh' iarr oifigearan air duine sam bith a chunnaic na thachair fios a chur thuca.
Thuirt an Seardsaint Chris Moireach gun robh na smuanitean aca air teaghlach an duine a bhàsaich.
Thuirt e cuideachd gun robh an sgrùdadh aca a' leantainn.