Sgioba Leòdhais is na Hearadh a-mach

Sgioba Leòdhais is na Hearadh Image copyright Leòdhas agus Na Hearadh FA

Chaidh Leòdhas is na Hearadh a-mach à Cupa Jock MhicAoidh às dèidh dhaibh call 3-1 ri Athletic Inbhir Nis.

Bha Inbhir Nis air buille fhulang ron gheama sa Bhlàr Dhubh is am manaidsear, Tommy MacUilleim, air an cluba fhàgail.

Tha e coltach nach do chuir sin maille orra is chaidh iad air thoiseach le faisg air leth uair a thìde air a' ghleoc le tadhal bho Craig Stiùbhart.

Fhreagair Leòdhas is na Hearadh le tadhal bho Eàirdsidh Dòmhnallach is bha na sgiobaidhean co-ionnan 1-1 aig leathach slighe.

Chuir Russell Mac an t-Saoir Inbhir Nis air ais air thoiseach is cha mhòr uair a thìde air a cluich, is ged a thàinig cothrom no dhà 'son Leòdhais is na Hearadh às dèidh sin, b' e Athletic a chur crìoch air an là le tadhal anmoch bho Connor Ros.

B' e 3-1 a bh' ann air a' cheann thall is Athletic Inbhir Nis a' dol air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich.