Rabhadh sneachda

Ceann Loch Iubh Image copyright EmmaEarth/ BBC Weather Watcher
Image caption Ceann Loch Iubh.

Tha na poilis air rabhadh a thoirt gum bu chòir dùil a bhith ri trioblaidean air na rathaidean is eile anns na làithean ri tighinn agus dùil ri sneachd ann am mòran sgìrean de dh' Alba.

Tha rabhadh buidhe ann dhan mhòr-chuid den dùthaich Dimàirt agus Diciadain.

Chaidh rabhadh orainds a thoirt airson sgìrean mun ear Diciadain agus Diardaoin.

Tha cuid do sgìrean ann far am faod an rabhadh a dhol gu ìre dhearg.

Tha sin a' gabhail a-steach na Crìochan, meadhan na dùtcha, Roinn a' Mhonaidh agus Taobh Sear na Gàidhealtachd.

Thuirt na poilis gu bheil a h-uile coltas ann gum bi buaidh air na rathaidean.

Dh'fhaodadh cuideachd gum bi buaidh air na trèanaichean, plèanaichean is aiseagan.

"Tha e coltach gum faic sinn troimhe-chèile air seirbheisean còmhdail anns na làithean ri tighinn", thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf.

"Ged a tha dùil ris an aimsir as miosa air taobh sear na dùthcha, tha sinn an dùil gum bi aimsir gheamhradail ann am pàirtean eile de dh'Alba cuideachd.

"Mar sin, bu chòir do dhaoine meòrachadh a bheil e riatanach dhaibh a bhith a' siubhail nuair a tha rabhadh orainds ann", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile