Cosgaisean lìbhrigidh fon phrosbaig
- Air fhoillseachadh

Thèid na cosgaisean lìbhrigidh a bharrachd ann an sgìrean de dh'Alba a rannsachadh Dimàirt le Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster.
Tha daoine sa Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan gu sònraichte air gearanan a thogail gu bheil acasan ri cosgaisean a bharrachd a phàigheadh.
Fhuair rannsachadh a rinn Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill an-uiridh gu bheil daoine ann an Eileanan na h-Alba a' pàigheadh suas ri 50% a bharrachd air cosgaisean lìbhrigidh an coimeas ri luchd-ceannaich ann am pàirtean eile den dùthaich.
Thuirt cathraiche Comataidh nan Cùisean Albannach, am BP Pete Wishart, gu bheil an t-uamhas de dhaoine air fios a chur air a' chomataidh mun chùis.
Dh'innis e gu bheil iad airson faighinn a-mach carson a tha diofar cho mòr ann an cosgaisean lìbhrigidh ann am pàirtean eadar-dhealaichte den Rìoghachd.
Gheibh a' chomataidh cothrom Dimàirt companaidhean an leithid Amazon, eBay agus Argos a cheasnachadh.
Cluinnidh iad cuideachd bho Ofcom agus Buidheann Comhairleachaidh a' Phobaill fhèin, a tha air an gnothach a rannsachadh roimhe.
Tha a' chomataidh ag ràdh gun coimhead iad air na roghainnean a th' ann airson nan cosgaisean àrda a lùghdachadh, no cur às dhaibh uile gu leìr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 5 An Dùbhlachd 2017
- 8 An t-Iuchar 2014