Naidheachdan 1100
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 1100

27 An Gearran 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba dhan BhBC gu bheil i deiseil airson cur an aghaidh Brexit ma nì e dìmeas air fèin-riaghladh. Tha seo a' tighinn goirid an dèidh do mhinistear caibineit, Dàibhidh Lidington, a bhith ag ràdh gun do gheall Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gur e a' mhòr-chuid de na cumhachdan a thilleas às a' Bhruiseil a thèid gu ruige Dùn Èideann, Cardiff agus Bèal Feirste. Thuirt Nicola Sturgeon nach cur ise a h-ainm idir ri rud a tha a' dol an aghaidh na bunait air an deach fèin-riaghladh a stèidheachadh.

Thig rabhadh an-diugh bho Rùnaire na Malairt Eadar-nàiseanta, Liam Fox, gur e mearachd mhòr a bhiodh ann fuireach ann an aonadh cusbainn an dèidh Brexit. Canaidh e gum feum an Rìoghachd Aonaichte brath a ghabhail air na cothroman malairt a bhios ann le dùthchannan eile air feadh an t-saoghail.

Obraichean

Tha dragh ann mu 300 cosnadh aig Port-Adhair Ghlaschu agus Ryanair a' dùnadh an ionad an sin. Thuirt a' chompanaidh nach bi aca ach trì seirbhisean à Glaschu air a' gheamhradh seo tighinn, gu ruige Baile Ath Cliath, a' Pholainn agus an Ruis. Tha iad a' cur 11 slighe ùr a-mach à Dùn Èideann ge-tà. Thuirt Rynair gur e cosgais na cìse-adhair APD as coireach.

Siria

Tha coltas ann nach do mhair fosadh bhon t-sabaid ann an sgìre Ghouta an Ear ann an Siria. Tha aithrisean gu bheil feachdan an riaghaltais, le taic na Ruis, a' losgadh a-rithist air an sgìre faisg air Damascus a tha fo smachd reubaltach. Bha na Ruiseanaich ag ràdh gun do sguireadh an ionnsaigh airson còig uairean de thìde gus am faigheadh sìobhaltaich cothrom air teicheadh.

Aimsir

Tha mòran den dùthaich ag ullachadh airson sneachda a tha a' dèanamh trioblaid mar-thà do dhraibhearan air taobh sear agus ann an ceann an deas na h-Alba. Tha rabhadh buidhe aig Oifis na Sìde mun t-sneachda an-diugh, a-màireach agus an-earar.

Cosgaisean lìbhrigidh

Bidh Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster a' toirt sùil an-diugh air cosgaisean lìbhrigidh gu sgìrean dùthchail. Tha gearanan air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan mun fharadh a tha companaidean air-loidhne a' cur air stuth. Bidh a' chomataidh a' ceasnachadh nan companaidhean air-loidhne, agus buidhnean a tha an dèidh a bhith a' rannsachadh na cùise.

Leasachadh Steòrnabhaigh

Thèid moladh do chomhairlichean nan Eilean Siar an t-seachdain seo £1m a chur ri leasachadh air sgìre Newton ann an Steòrnabhagh. Tha a' Chomhairle ag amas air sgeama a chosgadh mu £10m uile gu lèir.