Geama ICT dheth

Dùn Bhreatainn Image copyright James T M Towill / Geograph

Chaidh an geama eadar Dùn Bhreatainn is Caley Thistle oidhche Mhàirt a chur dheth.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air pàirce Dhùn Bhreatainn aig meadhan là Dimàirt is fhuaireadh nach urrainn dhan gheama a dhol air adhart.

Cha deach deit ùr 'son a' gheama a chur air dòigh fhathast.

Cluichidh Inbhir Nis an aghaidh Brechin aig an taigh Disathairne.