Co-obrachadh "deatamach" a thaobh a' chàbaill

Crann-gaoithe

Thàinig rabhadh gu bheil cunnart ann gun tèid cothrom a chall air càball dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr mura bi co-obrachadh ann.

Tha iomadh bliadhna ann bho thòisich iomairt gus càball ùr fhaighinn airson cumhachd a chur eadar na h-Eileanan is Tìr-Mòr.

Às aonais, cha ghabh leasachaidhean mòra ath-nuadhachail a chur air adhart anns na h-Eileanan.

Tha dòchas ann a-nise mun chàball is Riaghaltas Westminster air innse gum faigh pròiseictean eileanach cothrom air taic tro sgeama Contracts for Difference.

Tha cuid air draghan a thogail ge-tà, gur e companaidhean mòra a gheibh buannachd à seo, seach buidhnean coimhearsnachd anns na h-Eileanan.

Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil an t-ùghdarras air a bhith taiceil dha sgeamaichean cumhachd coimhearsnachd bho thùs, is gu bheil a h-uile dùil ann gum bi àite gu leòr dhaibh nuair a thig an càball.

Cudromach

Thuirt e gu bheil e fìor chudromach gum bi a h-uile buidheann a th' ann a' tarraing còmhla gus an càball a thoirt gu buil.

"Mura faigh sinn air greimeachadh air seo thairis air a' bhliadhna a tha romhainn, 's dòcha gum bi an cothrom sin air falbh airson 's dòcha ginealaichean, ma bhios an cothrom idir ann às dèidh sin", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Mura greimich sinn air, cha bhi càball ann a bharrachd air a' chàball a tha a' toirt dealain a-steach dha na h-Eileanan.

"Pròiseictean coimhearsnachd no pròiseictean mòra - mura bi càball ann a ghiùlaineas an dealan a tha sin a-mach às na h-Eileanan, cha bhi leithid de rud a' tachairt agus 's e call mòr a bhiodh an sin.

"Bu chòir dhuinn uile a bhith ag obair còmhla airson feuchainn ris a' cheann-ùidhe sin a ruighinn", thuirt e

Tuilleadh air an sgeulachd seo