Sgoiltean dùinte air a' Ghàidhealtachd

Bhràigh Mhàrr Image copyright Coimhearsnachd Bhràigh Mhàrr
Image caption Na geataichean sneachda dùinte am Bràigh Mhàrr Diciadain.

Tha sreath de sgoiltean dùinte air a' Ghàidhealtachd Diciadain is droch shìde a' toirt buaidh air cuid de sgìrean aig tuath.

Ged a tha ceàrnaidhean mòra den Ghàidhealtachd thuige seo air an droch aimsir a tha a' bualadh air pàirtean eile den Rìoghachd a sheachnadh, tha sneachd air buaidh a thoirt air taobh sear na Gàidhealtachd.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire a thaobh sgoiltean air a' Ghàidhealtachd an seo.

Tha rabhadh Orainds ann Diciadain is Diardaoin, a' toirt a-steach nan Crìochan, meadhan na dùthcha, Roinn a' Mhonaidh agus Taobh Sear na Gàidhealtachd.

'S e rabhadh Dearg a th' ann a-nise ann am meadhan na h-Alba eadar feasgar Diciadain is madainn Diardaoin.

Tha dùil gun toir sneachda buaidh air na rathaidean is seirbheisean còmhdhail eile.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, gum bu chòir do dhaoine meòrachadh a bheil e riatanach dhaibh a bhith a' siubhal anns na sgìrean far a bheil rabhadh Orainds ann.

Tha dùil ri aimsir nas fheàrr mun iar le greisean grèine, ged a bhios i fuar.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile