A' leasachadh curriculum na Gàidhlig

Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig

Tha tuilleadh co-obrachaidh san amharc airson curriculum foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil a leasachadh.

Thòisich e leis a' chiad chruinneachadh nàiseanta riamh de luchd-stiùiridh curriculum bho air feadh na dùthcha, aig co-labhairt ann an Inbhir Nis Dimàirt.

Tha dùbhlain shònraichte aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san àrd-sgoil, seach a' bhun-sgoil.

Chan eil na h-àireamhan cho mòr, agus tha diofar chuspairean rin toirt seachad ann an curriculum a tha ag ùrachadh 's ag atharrachadh.

e-Sgoil

Tha luchd-leasachaidh curriculum tric a' strì anns na buidhnean, na sgìrean 's na sgoiltean aca fhèin.

'S e bha fa-near dhan cho-labhairt, a chuir Bòrd na Gàidhlig, an SQA agus buidhnean eile air chois, ach a h-uile duine a thoirt a-steach chun an teine.

"Bha e dìreach airson gum faigheadh luchd-obrach, daoine a tha ag obair a thaobh a' churriculum, cothrom a bhith a' bruidhinn, a bhith ag obrachadh a-mach dè na dùbhlain a thaobh dealbhachadh churriculum 's gnothaichean mar sin," thuirt Stiùiriche Foghlam na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig, Mona Wilson.

"Agus thug sinn dhaibh dìreach cothrom a bhith a' bruidhinn, a bhith ag innse dè bha iadsan a' dèanamh, a bhith a' bruidhinn air deagh eisimpleirean 's gnothaichean mar sin.

"Agus cuideachd a' togail air rudan a tha daoine a' dèanamh agus a' dèanamh cinnteach gu bheil tòrr compàirteachais a' dol a thighinn a-mach às a' ghnothach," thuirt i.

Tha nòsan ùra, is dòighean-obrach ùra gu bhith bunaiteach airson gnothaichean a thoirt air adhart.

Tha e-Sgoil anns na h-Eileanan Siar air tè dhiubh sin, bho a bheil càch ag ionnsachadh.

"Feumaidh sinn tòiseachadh a' smaoineachadh air dòighean ùra air pàirt den rud a tha sinne air a bith a' dèanamh gu traidiseanta a lìbhrigeadh ann an sgoiltean," thuirt Ceannard e-Sgoil, Aonghas MacIllinnein.

"O chionn, chan eil na h-àireamhan againn, can aig ceann àrd na h-àrd-sgoile, cho falain 's a dh'fheumadh iad a bhith aig an àm a tha seo.

"Agus bha sinn a' coimhead air diofar dhòighean anns am b' urrainn ùghdarrasan ionadail co-obrachadh gus an deadh againn air 's dòcha cùrsaichean atharrachadh ann an cuid de dhòighean agus 's dòcha barrachd de na sgoilearan a thàladh chun na Gàidhlig.

"Chan ann a-mhàin mar chuspair, 's dòcha, no cùrsaichean tro mheadhan an Gàidhlig àbhaisteach mar chruinn-eòlas is eachdraidh, ach coimhead air feadhainn de na cùrsaichean a thaobh obrach, agus far a bheil ceangal obair, agus cothroman an cànan a chleachdadh gu làitheil.

"Mura faigh sinn air an cànan agus an cosnadh amaladh ri chèile, chan eil i gu bhith maireannach," thuirt e.

Cuspairean

Tha Catriona Chaimbeul na Leas-cheannard air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.

"Fhuair mi tòrr fiosrachaidh às, agus a' faicinn dè bha a' dol ann an àiteachan eile, dè na dùbhlain a bh' aig sgoiltean eile, agus dè na dòighean a bh' aca air faighinn timcheall air," thuirt i.

"Agus cuideachd cothrom a bhith ann a bhith a' togail cheistean mu dheidhinn dè na duilgheadasan a bha sinne a' faicinn mar sgoil, agus a' beachdachadh 's dòcha air ciamar a gheibheamaid timcheall orra.

"Bha sinn a' bruidhinn gu sònraichte air Gàidhlig agus cuspairean tro mheadhan na Gàidhlig, agus ciamar a gheibh sinn leudachadh an dà chuid air na cuspairean a tha sinn a' toirt seachad anns na sgoiltean, agus cuideachd na h-àireamhan de sgoilearan a bhios a' gabhail nan cuspairean.

"Ged nach tachair e sa mhionaid, tha còmhraidhean a' dol, a' ciallachadh gu bheil na puingean 's na ceistean sin gan togail, agus an uair sin a bhith a' beachdachadh air dè 's urrainn dhuinn a dhèanamh 's cò aig a tha an t-eòlas leis an urrainn dhuinn bruidhinn airson faighinn a-mach ciamar a tha iadsan a' dol timcheall leis," thuirt i.

Am measg eile, tha trèanadh proifeiseanta thidsearan a' dol a bhuannachadh às a' cho-obrachadh ùr a tha seo, oir chan eil trèanadh a' stad nuair a dh'fhàgas tidsear a' cholaiste.

"Bha e gu math inntinneach, gu h-àraid nuair a bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn trèanaidh," thuirt oifigear foghlaim Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Catriona Garvin.

"Na tidsearan air feadh na h-Alba a bhith a' gabhail cothrom cruinneachadh ri chèile ann am buidhnean is ag ionnsachadh mu dheidhinn rudan.

"Agus an t-seòrsa rudan a tha an-dràsta a h-uile duine 's a h-uile sgoil ga dhèanamh, ach leotha fhèin.

"Tha thu a' faicinn cuideachd gu bheil sgilean eadar-dhealaichte aig a h-uile duine, so 's e cothrom uabhasach a th' ann airson na sgilean a chruinneachadh ri chèile."