Soraidh slàn aig seann aiseag Ratharsair
- Air fhoillseachadh

Tha CalMac a' fàgail soraidh slàn aig tè de na bàtaichean-aiseig as fhaide a th' air a bhith aca.
Chaidh an MV Raasay a chur air bhog ann an 1976.
Bha i an uairsin 21 bliadhna air an t-slighe eadar Ratharsair is Sgonnsar.
Mar a dh'fhàs an t-slighe sin nas trainge cha robh an MV Raasay freagarrach tuilleadh.
Bhathas an uairsin treis ga cur gu feum air slighean far an robh aiseag a dhìth san eadar-ama.
Bho 2003, b' i an t-aiseag a bha a' dol eadar Cille Chòmhain is Tobar Mhoire tro mhìosan a' Gheamhraidh.
Reic
Dh'fhaodadh i sia càraichean a ghabhail, is suas ri 75 luchd-siubhail.
Dh'innis CalMac gu bheil iad a-nise air an aiseag a chur air ais ann an làmhan CMAL.
"Rinn an MV Raasay obair ionmhalta dhuinn thar nam bliadhnaichean", thuirt Jonathan Davies bho ChalMac.
"B' ann glè aineamh a chaill i seòladh, is tha mi a' smaointinn gun robh daoine a' coimhead oirre mar fhìor aiseag ChalMac.
"Deireadh linne a tha seo, ach tha mi a' gealltainn gach soirbheas dhi san àm ri teachd", thuirt e.
Tha dùil gun innis CMAL an ceartuair cò th' air an MV Raasay a cheannach.