Taghadh Chupa na Camanachd

Cupa na Camanachd

Rinneadh an taghadh Diciadain airson na ciad cuairte de Chupa na Camanachd.

Chaidh an taghadh a dhèanamh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid anns an Òban.

'S iad an Comh. Ruairidh MacCuthais, is Ceann-Suidhe Chomann na Camanachd, Keith Loades, a rinn an taghadh.

Dhearbh iad cuideachd gur ann san Òban a bhios a' chuairt dheireannach air an 15mh den t-Sultuin.

Tha na geamaichean mar a leanas;

Cupa na Camanachd - A' Chiad Chuairt

Baile a' Chaolais - Cill Mhàillidh

Taigh an Uillt - An Gearasdan

Inbhir Nis - A' Mhanachainn

Inbhir Aora - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

Celtic an Òbain - Srath Ghlais

Thèid Eilean Bhòid dìreach dhan ath-chuairt.

Tha dùil gun tèid na geamaichean a chluiche air an 12na den Chèitean.

Bidh an taghadh airson na dàrna cuairte ann Diluain an 14mh den Chèitean, is na geamaichean gu bhith ann air an 2na den Òg-Mhìos.

Tòisichidh seusan ùr na camanachd Disathairne seo tighinn, an 3mh den Mhàirt, ged a bhios ceist ann mu thòrr de na geamaichean air sgàth na h-aimsire.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile