Cosgais mhòr an cois a' Gheamhraidh

Làraidh-sailidh
Image caption Iarraidh Comhairle na Gàidhealtachd barrachd airgid bhon Riaghaltas

Dh'fhaodadh gum bi Comhairle na Gàidhealtachd £2.2m thairis air a' bhuidseat aca aig deireadh na bliadhna ionmhais seo air sgàth 's na tha iad a' cosg air saileadh nan rathaidean.

Tha iad ag ràdh gu bheil a' chosgais air a bhith nas àirde buileach leis gur ann aig an deireadh-sheachdain agus timcheall air saor-làithean poblach a tha reothadh agus sneachda air a bhith nas bitheanta - a' fàgail gum feum iad a bhith a' pàigheadh luchd-obrach 'son a bhith ag obair uairean a bharrachd.

Bha cuideachd tuilleadh salainn a dhith orra.

Cuiridh Ceannard Chomataidh Goireasan Corporra na Comhairle, Alasdair MacFhionghain, fios gu Riaghaltas na h-Alba a-rithist 's iad a' sireadh barrachd airgid bhuapa.

Thuirt e nach eil an suim-airgid a tha iad a' faighinn bhon Riaghaltas a rèir 's na th' aca de rathaidean, 's e ag ràdh gu bheil an treas cuid de rathaidean na h-Alba ann an sgìre na Gàidhealtachd.

Thuirt Cathraiche Chomataidh Àrainneachd, Leasachaidh agus Bhun-Structair na Comhairle, Ailean MacEanraig, gum bu chòir dhan Ghàidhealtachd a bhith air a h-aithneachadh mar "chùis shònraichte".

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile