Sgoiltean dùinte air a' Ghàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
GlaschuTùs an deilbh, Getty Images

Tha grunn sgoiltean dùinte aig tuath a-rithist Diardaoin is droch aimsir a' toirt buaidh air cèarnaidhean den Ghàidhealtachd.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire a thaobh sgoiltean air a' Ghàidhealtachd an seo.

Ged a tha sneachda air buaidh a thoirt air a' Ghàidhealtachd gu ìre, 's ann gu math nas miosa a tha cùisean ann am meadhan na h-Alba.

Tha rabhadh dearg an sàs an sin gu 10:00m Diardaoin.

Tha na h-ùghdarrasan ag ràdh nach bu chòir do dhaoine anns na sgìrean far a bheil rabhadh dearg ann siubhal idir ach ma tha e fìor dheatamach.

Tha rabhadh orainds a' leantainn gu 10:00m Dihaoine.

Chuir na ceudan de dhaoine an oidhche seachad anns na càraichean aca air an M80.

Tha Port-Adhair Ghlaschu dùine gu co-dhiù 3:00f is Port-Adhair Dhùn Èideann gu co-dhiù 10:00m.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh