Briseadh-dùil an dàil Oighreachd a' Chrùin

Airgead Image copyright PA

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gur e briseadh-dùil a th' ann nach eil Riaghaltas na h-Alba air tighinn gu co-dhùnadh air ciamar a bhios na h-ùghdarrasan Eileanach gan rianachadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar còmhla ri Arcaibh is Sealtainn air a bhith a' moladh sgeama pìleat far am bi iad a' cumail rian air còirichean Oighreachd a' Chrùin aig ìre ionadail san eadar-ama.

Thig co-chomhairle air a' bhile gu crìch an ceann trì seachdainnean, agus thèid am bile fhèin a dheasbad aig a' chiad ìre san Ògmhios.

Tha dùil gum faigh am bile aonta Rìoghail tràth an ath-bhliadhna.

"Feum Mòr"

Mhol Coimisean Mhic a' Ghobhainn gum bu chòir cumhachdan Oighreachd a' Chrùin a thilleadh gu Riaghaltas na h-Alba, leis an obair rianachd an uair sin a' dol dha na h-ùghdarrasan ionadail.

"Tha a' Chomhairle air a bhith a' strì bho chionn bhliadhnaichean 'son faighinn chòirichean Oighreachd a' Chrùin air ais dha na coimhearsnachdan, agus Arcaibh is Sealtainn cuideachd," thuirt Iar-Chathraiche Comataidh Poileasaidh is Stòrais Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid.

"Agus mu dheireadh thall dh'aontaich Riaghaltas Westminster gun tig an cumhachd air ais a dh'Alba, 's bha sinne an dòchas gun tigeadh e an uair sin air ais dha na coimhearsnachdan.

"Ach mar a tha cùisean a' dol air adhart tha sin a' dol nas fhaide 's nas fhaide air falbh.

"Tha bile a' dol tron Phàrlamaid an-dràsta, agus an rud a bha sinne a' deasbad an-diugh, 's e na beachdan againn fhìn airson mar a tha sinne a' smaoineachadh gum bu chòir dhan airgead a tha Oighreachd a' Chrùin a' cruinneachadh a thighinn dha na coimhearsnachdan.

"Nis, chan e sin beachd an Riaghaltais. So tha sinne a' cur ar beachdan fhìn a-steach dhan chonaltradh a tha seo.

"Chan eil sinne a' faighinn mìneachaidh air seo bho Riaghaltas na h-Alba.

"Bu chòir dhan phròiseas a bhith gu math sìmplidh, bho dh'atharraich a' chùis, le cumhachdan a' tighinn bhon Riaghaltas ann an Westminster air ais a dh'Alba.

"Ach chan eil fhios fo ghrèin dè tha a' dol air adhart.

"Tha sinne a' faighinn fios às dèidh fios gu bheil cnap-starra eile, cnap-starra ùr ann.

"Shaoil mise gum biodh e furasta gu leòr.

"'S e na tha sinne ag iarraidh, gum faigheadh na coimhearsnachdan buannachd às an airgead a tha Oighreachd a' Chrùin a' toirt a-steach.

"Tha seo a' dol air ais bliadhnaichean mòra. Chan e rud ùr a tha seo.

"Agus tha e a' cur iongnadh oirnn an dàil a th' ann.

"Tha fhios aig a h-uile duine gu bheil ionmhas gann anns a h-uile seòrsa dòigh, agus ged a b' e millean no dhà a gheibheadh sinn a-steach a h-uile bliadhna dhèanadh e feum mòr dha na coimhearsnachdan againn shuas is shìos na h-Eileanan," thuirt e.