Rabhadh sneachda orainds gu Dihaoine

Càraichean anns an t-sneachd Image copyright Getty Images

Chaidh an rabhadh orainds 'son sneachda a leudachadh gu 10:00m Dihaoine.

Thàinig an rabhadh dearg gu ceann aig 10:00m Diardaoin ach tha tòrr sgìrean fhathast fo rabhadh orainds gu 6:00f.

Tha Oifis na Sìde a-nis ag ràdh gum bi an aimsir aig ìre orainds gu co-dhiù madainn Dihaoine.

Bha mu 1,000 duine glacte air an M80 tron oidhche Diciadain agus bha 300 fhathast ann madainn Diardaoin.

Cunnartach

Tha aithrisean ann gu bheil an trafaig air tòiseachadh a' gluasad.

Tha rathaidean air feadh na dùthcha fhathast ann an suidheachadh cunnartach agus chan eil ach glè bheag de na seirbheisean rèile aig Scotrail a' ruith.

Image caption Chaidh an dealbh seo a chur do BhBC Naidheachdan à Loch Uinneach

Chuir mu 200 duine an oidhche seachad aig Port-Adhair Ghlaschu, far an deach seirbheisean a chur dheth airson a' chòrr de Dhiardaoin.

Agus tha Port-Adhair Dhùn Èideann air a ràdh gum bi a' chuid as motha de na seirbheisean acasan air an cur dheth fad an là, agus gun dùin am port-adhair gu lèir aig 6:00f.

Dùinte

Ann an Cataibh is Gallaibh, thuirt na Poilis gun robh iad a' dèiligeadh le tubaistean air an A9 air bràighean Bhearghdail agus thathar a' moladh do dhràibhearan an sgìre a sheachnadh.

Tha an A837 eadar an Luirg is Tunga, an A897 eadar Bun Ilidh is a' Mhealbhaich, còmhla ris am B9176 Rathad na Srùaidh air a bhith dùinte.

Thuirt Poileas Alba: "Tha rabhaidhean orainds 'son sneachda fhathast ann do sgìrean air a' Ghàidhealtachd - cha bu chòir daoine siubhal sna sgìrean seo."

Tuilleadh air an sgeulachd seo