County gun mhanaidsear a-rithist

Owen Coyle Image copyright SNS

Tha Ross County a' deasachadh airson geama fìor chudromach gun mhanaidsear is Owen Coyle air an cluba fhàgail.

Dh'innis Coyle oidhche Dhiardaoin gun robh e air a bhith a' còmhradh ris a' chathraiche, Roy MacGrìogair, is gun do shaoil e às dèidh sin gum bu chòir dha a dhreuchd a leigeil dheth.

Thuirt e gun robh e air seo a dhèanamh airson maith Ross County, agus dha fhèin 's a theaghlach a' fuireach ann an Sasainn.

Cha robh Coyle os cionn Ross County ach 'son còig mìosan is cha do bhuannaich iad ach 4 de na 22 geama a bh' ann san àm sin.

Thathas an dùil gum bi Stiùbhart Kettlewell, a tha e air a bhith a' coidseadh na h-òigridh aig County, os cionn na sgioba eadar seo is deireadh an t-seusain.

Aig an ìre seo, tha an geama eadar County is Partaig Disathairne fhathast a' dol air adhart.

Le County aig bonn na lìge is Partaig dìreach 3 puingean os on cionn, 's e geama fìor chudromach a bhios seo ma thèid e air adhart.

Tha an geama san Championship eadar Caley Thistle is Brechin fhathast a' dol air adhart aig an ìre seo cuideachd.

Ged nach eil dùil ri trioblaid a thaobh na pàirce, bidh e a rèir 's am bi e comasach do sgioba Bhrechin is an luchd-leantainn siubhal gu tuath.