Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sneachda

Tha mòran de dh'Alba fhathast fo bhuaidh na droch aimsire. Chaidh cobhair a dhèanamh anns a' mhadainn an-diugh air dràibhearan a bha glacte sna càraichean ann an citheachan sneachda faisg air Baile Dhùbhthaich air taobh sear Rois. Thuirt na Poilis gu bheil earrainn mhòr den sgìre sin agus an t-Eilean Dubh dùinte leis an t-sneachda, agus dh'iarr iad air dràibhearan a sheachnadh.

Tha seirbheisean a' tòiseachadh a-rithist aig Port-Adhair Ghlaschu an-dràsta, agus ann an Dùn Èideann, agus tha seirbheisean bus is rèile a' gluasad a-rithist.

Chaidh rabhadh dearg mun t-sneachda ann an ceann an iar-dheas Shasainn agus ann an ceann a deas na Cuimrigh a thogail an-diugh, ach tha gaoth làidir is cathadh na thrioblaid ann am mòran sgìrean an sin. Tha dearbhadh ann a-niste gun do chaill naoinear am beatha ann am Breatainn le buaidh na droch aimsire bho thòisich i Dimàirt.

Brexit

Nì Theresa May òraid an-diugh anns an can i gu bheil i ag iarraidh càirdeas malairt cho domhain agus a ghabhas dèanamh leis an Aonadh Eòrpach an dèidh Bhrexit. Tha na Làbaraich ag iarraidh air a' Phrìomhaire fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad an-diugh, seach briathrachas fann.

Trump

Mhaoidh na dùthchannan as motha a tha a' malairt ris na Stàitean Aonaichte dìoghaltas airson nan cìsean mòra a tha an Ceann-Suidhe Trump am beachd a chur air stàilinn agus aluminium à dùthchannan eile. Thuirt Canada agus an t-Aonadh Eòrpach gun gabh iad ceumannan mu choinneimh sin, agus thuirt Sìona nach eil anns na cìsean ach gòraiche.

Liam Colgan

Dh'iarr bràthair Liam Colgan air poilis anns a' Ghearmailt an rannsachadh air a shon a sgaoileadh nas fharsainne na Hamburg. Dh'innis Eamonn Colgan dhan BhBC nach eil e idir riaraichte leis mar a tha Poilis na Gearmailt a' làimhseachadh na cùise. Chaidh Liam, às Inbhir Nis, a dhìth ann an Hamburg air an 10mh là den Ghearran aig pàrtaidh fleasgach Eamoinn. Chaidh a' bhanais, a bha gu bhith ann an-diugh, a chur dheth.