Na h-Eileanan Mòra "saor bho rodain"

Na h-Eileanan Mòra Image copyright Jim Richardson
Image caption Cha deach rodan a chlàradh anns na h-Eileanan Mòra bho chionn dà bhliadhna.

Shoirbhich le iomairt cur às do rodain anns na h-Eileanan Mòra.

Bha na beathaichean, nach eil dùthchasach dhan àite, a' toirt buaidh mhòir air na tha de dh'eòin-mhara a' neadachadh ann.

Tha na h-Eileanan Mòra air am meas mar fhear de na h-àiteachan àlachaidh as cudromaiche 'son eòin-mhara san Roinn Eòrpa.

Bha na rodain dubha ag ithe uighean nan eun, agus bha cuid de sheòrsaichean eòin-mhara ann an cunnart a dhol à bith air a shàilleibh.

Thòisichear gan spadadh bho chionn ceithir bliadhna.

Tha dà bhliadhna ann a-nis bho chaidh rodan a chlàradh anns na h-eileanan.

Seo a' chiad turas bho chionn ceud bliadhna a tha na h-Eileanan Mòra air a bhith saor bho rodain.