Ionnsaigh air dithis bhalach

Poilis

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' sireadh barrachd fiosrachaidh mu ionnsaigh air dithis bhalach ann an Inbhir Nis.

Fhuair iad gairm mu ionnsaigh air an dithis, a tha dusan bliadhna a dh'aois, mu 7.30f feasgar Dihaoine timcheall air Craobh-shràid Chuil Daothail sa bhaile.

Cha deach fear seach fear de na balaich a dhroch leòn.

Tha poilis ag iarraidh bruidhinn ri fireannach a chaidh fhaicinn faisg air làimh mun tachartas.

Tha am fireannach geal, ach le beagan den ghrèine agus falt goirid, dorch agus beagan de dh'fheusag.

Tha e mu anmoch sna 30an no tràth sna 40an agus tha blas cèin air a chainnt.

Tha e caol, mu 6 troighean a dh'àirde, agus bha geansaidh dubh, briogais dhorch agus brògan-spòrs dorcha air.

Ma tha fiosrachadh sam bith aig duine mu dheidhinn, bu chòir dhaibh fios a leigeil fhaicinn dha na poilis.