Dragh mu Bhun-sgoil Sgitheanach

Bun-sgoil an Ath Leathainn

Chaidh dragh a thogail a-rithist mun staid anns a bheil togalach Bun-Sgoil an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach.

Tha Cathraiche Chomann Pàrantan na Sgoile air iomagain a nochdadh nach robh gealltanas làidir ann an dreach phrògram calpa Comhairle na Gàidhealtachd, gus sgoil ùr a thogail sa bhaile.

'S ann a tha an dreach phrògram calpa a' moladh gun tèid airgead iarraidh bhon Riaghaltas mu choinneamh sgoil ùr a thogail san Ath Leathann, am measg grunn sgoiltean eile.

Tha pàrantan air a ràdh ron seo gu bheil togalach Bun-Sgoil an Ath Leathainn cho dona 's gur e fìor chùis-èiginn a tha innte.

Chaidh an sgoil a thogail bho chionn còrr is 40 bliadhna.

Dampachd

Tha pàrantan aig a bheil clann san sgoil an-dràsta ag ràdh gu bheil cuid de sheòmraichean ann nach gabh cleachdadh tuilleadh.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil na ballachan ann an cuid de na seòmraichean a thathar a' cleachdadh a' fàs dubh leis an dampachd.

Thuirt an Comh. Alasdair MacFhionghain, a tha os cionn a' bhuidseit, gum feum a' Chomhairle measadh a dhèanamh air gach pròiseact a tha feumach air taic fon phlana chalpa, ach nach gabh feumalachdan a h-uile duine a choileanadh leis na goireasan a th' aca.

"Feumaidh airgead gu leòr a bhith againn airson pròiseactan calpa" thuirt an Comh. MacFhionghain.

"Ach, tha 203 sgoil san sgìre chomhairle againn, a bharrachd air mòran rathaidean far a bheil bun-structar a dhìth. Tha sinn air prògram calpa a chur air bhonn a tha a' feuchainn ris an luach às fheàrr fhaighinn às a' mhaoin airgid a th' againn.

"Tha fios againn nach tèid againn ach air cuid de na sgoiltean a tha fìor fheumach air taic a leasachadh agus a sgeadachadh leis na th' againn de dh'airgead", thuirt e.