Seile aig barr na lìge

Ball is caman

Thòisich Ceann Loch Seile seusan ùr na h-iomain far an do chrìochnaich iad an seusan mu dheireadh is iad aig mullach na Prìomh Lìge.

'S e an geama eadar Seile is Gleann Urchadain an aona gheama a chaidh air adhart ann an Alba Disathairne is droch shìde a' toirt buaidh air an iomain.

Chan eil a' phàirce ùr ann am Baile Mac Ara fhathast deiseil, ach rinn an t-seann phàirce sa Chlachan Aillseach a' chùis.

Cha robh tadhal idir sa chiad leth, ach bha Seile cruaidh air sgioba a' Ghlinne anns an dàrna leth.

Fhuair Jordan Friseal tadhal (53) is thàinig fear eile bho Ali Nixon (71).

Chuir Cè MacRath gleans air a' chùis le dà thadhal anmoch (81, 85) is Seile a' tòiseachadh le brag.

Chaidh an aona gheama a chaidh air adhart ann an iomain nam ban Didòmhnaich air adhart air pàirce phlastaig a' Phluic.

'S e seo a' chiad gheama lìge a bha a-riamh aig sgioba nam ban aig Ceann Loch Seile.

Gu mì-fhortanach dhaibh, rinn Srath Ghlais a' chùis orra 5-0.

Thàinig na tadhail bho Mathilda Jones, Cassie Dorrian, Freya Strachan (2) agus Eleanor Mann.

Bidh na sgiobaidhean uile an dòchas gum bi barrachd iomain ann Disathairne seo tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile