Ministear ga chur far a dhreuchd rè ùine

An Eaglais Shaor Image copyright peter knudssen/geograph
Image caption Eaglais Shaor a' Bhac

Chaidh iar-mhinistear choitheanal na h-Eaglaise Saoire air a' Bhac ann an Leòdhas chur far a dhreuchd rè ùine.

Chaidh innse dhan choithional Là na Sàbaid gun robh Clèir nan Eilean Siar air coinneachadh Diardaoin seo chaidh agus fiosrachadh air a thighinn thuca mun Urramach Dàibhidh MacDhòmhnaill.

Dhearbh Clèir na h-Eaglaise nach biodh an t-Urr MacDhòmhnaill a' coileanadh dhleastanasan na ministearalachd aige fhad 's a bha rannsachadh ga dhèanamh air an fhiosrachadh.

Cha chanadh iad càil a' chòrr mun chùis.