Ionad ùr 'san Òb

Bhun Sgoil an t-Òib. Image copyright Leverhulme Community Hub

Tha dòchas ann an ceann a deas na Hearadh gun tèid ''hub'' ùr a' stèidheachadh 'san Òb airson ath-bheòthachadh a thoirt air a' choimhearsnachd.

Ma thèid an t-airgead gu lèir a tha a dhìth a chruinneachadh, ghabhadh a' choimhearsnachd sealbh air seann thogalach Bhun Sgoil an t-Òib.

Tha planaichean ann airson cafaidh, commun eachdraidh agus ionad spòrs am measg eile.

Thathas an-dràst' a' feuchainn ri £25,000 a chruinneachadh.

Thuirt Patricia NicLeòid bhon a' chomataidh leasachaidh gu bheil iad airson an togalach a ghlèidheadh airson na coimhearnsachd.

''Tha sinn airson ath-bheòthachadh a thoirt air an sgìre, airson obraichean a chruthachadh agus airson àite a dhèanamh far an tèid aig daoine air tighinn còmhla airson diofar rudan agus airson eachdraidh na sgìre a ghlèidheadh cuideachd.''

''Feumaidh sinn an toiseach companaidh a stèidheachadh gu h-oifigeil agus suirbhidh a dhèanamh air an togalach.''

''Feumaidh sinn suas ri 10% den chosgais slàn a tha a dhìth airson an togalach a cheannach. Mar sin, feumaidh sinn £25,000 a chruinneachadh sa chiad dol a-mach.''

''Tha tòrr sa choimhearsnachd a' tabhann cuideachadh agus a' toirt taic dhan a' phròiseact.''

''Chan eil àite san sgìre tha fosgailte fad na bliadhna, tha àiteachan ann a tha fosgailte as t-samhradh.''

''Tha sinn an dòchas gum bi an togalach againn fosgailte fad na bliadhna,'' thuirt i.