Rabhadh mu fhalaisgearan

Muir burning on Skye Image copyright Roger Tinder

Dh'iarr Caidreachas Croitearachd na h-Alba air croitearan a tha a' lasadh fhalaisgearan a bhith fìor fhaiceallach leis gu bheil feadhainn air sgapadh gun smachd ann an diofar sgìrean bho chionn ghoirid.

Thuirt Leas Chathraiche a' Chaidreachais, Yvonne White, gu bheil falaisgearan feumail airson ùrachadh a thoirt air ionaltradh ach gu bheil e cudromach gun cum croitearan ri còd ùr a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

''Tha falaisgearan a' leigeil le fraoch fàs às ùr.''

''Mura biodh falaisgearan ann bhiodh am fraoch ro àrd agus chan e àrainneachd mhath a bhiodh ann airson sprèidh, beathaichean-fiadhich agus mac an duine.''

''Tha falaisgearan air a bhith a' sgapadh gun smachd bho chionn ghoirid.''

''Ann an cuid a sgìrean tha suidheachaidhean doirbh air a bhith ann le talamh gu math tioram agus le neart na gaoithe ag atharrachadh,'' thuirt i.

Mhol Yvonne White gun dèanadh comataidhean ionaltraidh ath-sgrùdadh air na planaichean aca fhèin gus dèanamh cinnteach gu bheil am fiosrachadh às ùr aca agus còd ùr ga fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

Tha Còd nam Falaisgearan a' toirt stiùireadh seachad mu bhith a' lasadh fhalaisgearan agus e cuideachd a' mìneachadh nam bacaidhean reachdail a tha na lùib.