Ionad mu Hiort anns na Hearadh

Hiort (Urras Nàiseanta na h-Alba) Image copyright Other
Image caption Tha tòrr uidh ann an eachdraidh Hiort

Tha planaichean gan dealbh airson ionad mu Hiort a chur air dòigh ann an ceann a deas na Hearadh.

Tha ionadan eile anns an amharc ann an Ùige, Leòdhais agus ann an Uibhist a tuath.

'S e Leasachadh na Hearadh Earanta a th' air cùl nam planaichean 's tha iad a' coimhead an toiseach ri àite a chur air dòigh aig ionad Seallam anns an Taobh Tuath mu dheidhinn Hiort.

"Geata gu Hiort"

Thuirt Cathraiche na buidhne, Coinneach MacLeòid, gum bu mhiann leotha an uair sin àite fa-leth a chur air dòigh anns a' cheann a deas.

"Tha sinn an uair sin a' coimhead air àite eile - mar gum biodh geata gu Hiort - anns an t-Òb".

Tha iad a' bruidhinn ri sgioba teasairiginn an t-Oib a tha am beachd togalach ùr a thogail dhaibh fhèin feuch an urrainn dhaibh obrachadh còmhla.

Tha iad mar-thà air beachdan iarraidh anns a' choimhearsnachd, agus thuirt Mgr MacLeòid gu robh na fhuair iad air ais gu math misneachail.

"Thug e togail mhòr dhuinn am fiosrachadh a fhuair sinn air ais - cuid de bheachdan air dè bu chòir a bhith ann agus dè seòrsa rudan a tha sinn a' coimhead air".

"Tha sinn cuideachd airson innse an eachdraidh agus an t-slighe mara a' dol a-mach gu Hiort agus 's e sin a tha sinn gu bhith a' coimhead air anns an àite eile anns an t-Òb".