Iomairt ann an Geàrrloch

Geàrrloch
Image caption Thèid fianais a thogail Dihaoine an aghaidh nam planaichean

Bidh muinntir Gheàrrloch an sàs ann an là iomairt Dihaoine 's iad mì-thoilichte le planaichean airson mar a thèid òtrachas na sgìre a ghiollachd.

Thug Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, SEPA, cead do phlanaichean Uisge na h-Alba a bhith a' giollachd an òtrachais le solas UV fad chòig mìosan den bhliadhna a-mhàin - sin eadar meadhan a' Chèitein agus meadhan na Sultaine.

Taobh a-muigh na h-ùine sin, bhiodh an t-uisge salach air fhàgail ann an tancaichean, agus an uair sin ga chur dìreach a-mach gu muir.

Tha SEPA ag ràdh nach dèanadh seo cron air an loch.

Tha muinntir na sgìre ag ràdh ge-tà gur e ceum air ais a bhiodh an seo.

Chaidh na planaichean a thogail aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir ann an Holyrood Diardaoin.

'S e Riaghaltas na h-Alba a nì an co-dhùnadh deireannach air na planaichean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile