RBS gan dìon fhèin

Tha RBS a' dol às àicheadh gu bheil iad a' feuchainn ri toirt air daoine gun na meuran den bhanca a tha iad am beachd dùnadh a chleachdadh.

Bha seo às dèidh mar a thuirt fear-gnothachais Sgitheanach, Aonghas Mac an t-Sutharlanaich, gun deach moladh dha-san cunntas fhosgladh ann am meur Phort Rìgh den bhanca, seach anns a' Chaol - meur a tha fo chunnart.

Tha banca a' Chaoil am-measg an fheadhainn a dh'fhuiricheas fosgailte gu co-dhiù deireadh na bliadhna seo.

Chaidh a' chùis a thogail ann an Taigh nan Comantan Diciadain leis a' bhall-pàrlamaid Nàiseantach Ian Blackford.

Thuirt am Prìomhaire, Theresa May, gur e gnothach coimearsalta a tha seo dhan bhanca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo